BHIDEO TRÈANAIDH DO DH’ FHARPAISICH DEASBAD BT ALBA

Air Diciadain 15 Òg Mhìos 2011, ghabh dithis sgoilear à Ard Sgoil Ghleann Challdair ann an Cille a’ Bhrìde an Ear, Aaron Shields agus Danielle NicPhàrlain, pàirt ann a bhideo trèanaidh mu choinneamh Deasbad Gàidhlig Nàiseanta BT nan Sgoiltean 2011.  ‘S iad Comataidh Riaghlaidh an Deasbad a thagh na sgoilearan.  Tron t-seisean trèanaidh, chaidh oideachadh a thoirt seachad do Aaron is Danielle ann a bhith a’ rannsachadh chuspairean, mar a tha thu a’ cleachdadh do ghuth, mar a tha thu ga do ghiùlain fhèin agus ciamar is urrainn dhut Deasbad èifeachdach a thoirt seachad.  Bha an trèanadh, a bhios ri fhaotainn air bhideo, air a’ libhrigeadh le Iain Moireasdain, sàr chraoladair,  a bha ag obair aig a’ BhBC mar fhear naidheachd fad iomadh bliadhna, agus a tha a-nis na Stiùiriche aig McGarvie Morrison Media.  Thuirt Iain, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a bhuineas do Uibhist a Tuath:

“S e sgil air leth chudromach a tha ann an conaltradh anns an 21mh linn, anns gach dreuchd.  Tha na Deasbadan Gàidhlig, a fhuair mòr thaic bho BT, air misneachd a thoirt do dh’ òigridh air feadh na dùthcha leasachadh a thoirt air na sgilean canain is conaltraidh aca.  Cuideachd tha spòrs is àbhachdas air leth an cois an Deasbad”.

Lean Iain air adhart le bhith ag ràdh:

“Tha an ìre de dheasbad a’ fàs nas fheàrr gach bliadhna.  Tron bhideo a tha seo, gheibh an òigridh comhairle air ciamar is urrainn dhaibh tuilleadh leasachadh a dhèanamh.  ‘S e sgilean a tha seo a bhios feumail dhaibh anns na bliadhnaichean a tha ri teachd”.

Tha Rosemary Ward, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, a bha na britheamh fad trì bliadhna suas gu 2010, a’ toirt seachad agallamh mu na tha na britheamhan a’ lorg.  Ghabh an trèanadh àite aig togalach eachdraidheil Clyde Port agus a thuilleadh air deagh chomhairle fhaighinn mu bhith a’ deasbad, fhuair Aaron is Danielle cothrom faicinn mar a tha obair fiolmadh a’ gabhail àite.  Thug an Stiùiriche, Calum Angus MacAoidh agus an Neach-camara, Ray Hardie, seachad deagh chomhairle.

An dèidh làimh thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh:

“Thathar an dòchas gum bi a’ bhideo trèanaidh seo na ghoireas air leth feumail do sgoilearan agus tidsearan ‘s iad ag ullachadh mu choinneamh Deasbad 2011.  A thuilleadh air sin, thathar an dòchas gum bi seo na ghoireas feumail do sgoiltean ‘s iad an sàs ann an a bhith a’ teagasg sgilean canain is conaltraidh”.

TRAINING VIDEO FOR BT GAELIC DEBATE COMPETITORS

On Wednesday the 15th of June 2011, two third year pupils from Calderglen High School in East Kilbride, Danielle MacFarlane and Aaron Shields, took part in a training event ahead of this year’s BT Scotland National Gaelic Schools Debate.  The pupils were chosen by the Debate Management Committee.  During the training session, Danielle and Aaron were given tuition on researching subjects, voice projection and body language as well as exploring ways of getting points across effectively during a debate.  The training, which was recorded for video, was delivered by John Morrison, a former BBC news correspondent, who is one of the founding directors of McGarvie Morrison Media, a leading company in Public Relations, Public Affairs and Media Training.   John, who is a native Gaelic speaker and hails from North Uist said:

"Communication is a vital tool and skill in the 21st century, whatever job you do. The BT Scotland sponsored Gaelic Debates have encouraged young people across Scotland to improve their language and communication skills and learn how to present themselves effectively.  They also have a lot of fun."

He added:

"The standard of debate has improved every year since the competition started. This video will give young people tips on how to further improve their performance. The skills they learn will be useful for the rest of their lives."

Rosemary Ward, Director of the Gaelic Books Council, who has been a judge at the BT Scotland Debate for the past three years, features in the video providing useful tips for future competitors.  The training event took place at the impressive Clyde Port building in Glasgow and as well as pupils being given excellent advice on debating skills, they were also given a unique insight into the filming process.  Director, Calum Angus Mackay, and Cameraman, Ray Hardie, put the pupils at ease and were able to pass on some broadcasting tips to the youngsters.

Commenting on the training session and the video, Chair of the Debate’s Management Committee, Calum Iain MacLeod said:

“It is hoped that the training video will be an invaluable resource for pupils and teachers alike when they are preparing for this year’s debate.  But, it is also hoped that the video will be of wider benefit to schools and that they find it a useful tool when teaching language and communication skills.” 

Notes to Editors:

  • The Management Committee would like to thank BT Scotland, the main sponsors, for their continued support of the Debate.
  • Additional assistance for the BT Scotland Debate 2011 has come from Comunn na Gàidhlig, the BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA and the Management Review Group for Gaelic.