Fiosrachadh mu Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2016

A’ Chiad Dà Chuairt: 8/9 Samhain (Dimàirt/Diciadain) aig Prìomh Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar.
Na Cuairtean Deireannach: 29/30 Samhain (Dimàirt/Diciadain) ann an Dùn Èideann
Gabhail Pàirt: 20 sgioba à 18 sgoiltean.

Cruth a’ Chiad Dà Chuairt:
A’ Chiad Chuairt: Bidh gach sgioba a’ deasbad air diofar chuspairean. Cha bhi aon sgioba a’ buannachadh agus thèid a h-uile sgioba air adhart gu bhith a’ deasbad an ath là. Gheibh gach sgioba puingean agus thèid na puingean seo air adhart chun an dàrna là.
An Dàrna Cuairt *: Bidh gach sgioba a’ deasbad air an aon chuspair. Cha bhi na sgiobaidhean a’ tighinn a-steach don t-seòmar-deasbaid gus am bi iad fhèin a’ deasbad. Thèid na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean, bhon dà là, air adhart gu na cuairtean deireannach.
Uairean: 8 Samhain: Comhairle nan Eilean Siar: 1.00 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh dìnnear ann an Eleven aig Taigh-òsta An Caladh Inn mu chòig uairean.

9 Samhain: Comhairle nan Eilean Siar: 10m-1f
Gabhaidh còig deasbadan àite.

2f-5f

Gabhaidh na còig deasbadan eile àite. An uairsin, gheibh na britheamhan cothrom falbh gus beachdachadh air cò na ceithir sgiobaidhean a thèid air adhart chun na h-iar chuairtean deireannach.

An uairsin bidh dìnnear ann an Eleven mu shia uairean. Às dèidh na dìnneir (’s dòcha mu 7.45f), bidh cothrom ann coinneachadh aig cèilidh beag, fhathast anns a’ Chaladh Inn. Ma tha sgoilearan agaibh a tha deònach pàirt a ghabhail sa chuirm bidh sinn nan comain.

Riaghailtean Gheibhear riaghailtean na deasbaid air an làrach-lìn aig www.deasbadbtalba.com
Siubhal Bidh siubhal air a chur air dòigh le Lauren NicSuain aig 01851708662. lauren.macsween@cne-siar.gov.uk. Dèanaibh cinnteach gun toir sibh na h-ainmean mar a tha iad a nochdadh air cairtean siubhail. Bhiodh e feumail dhuibh seo a dhèanamh cho luath is a ghabhas gus am faigh sinn faraidhean reusanta saor is gum bi sinn cinnteach gum bi suidheachain air a’ phlèan. Bidh bus no tagsaidh a’ feitheamh oirbh aig a’ phort-adhair ann an Steòrnabhagh.
Àite-fuirich Bidh a h-uile duine a’ fuireach aig an Caladh Inn, James Street, Stornoway HS1 2QN. Tel 01851702740. Bidh leabaidh is bracaist pàighte is gheibh sibh brot is ceapairean aig meadhan an latha. Bidh sibh ag ithe oidhche Mhàirt agus oidhche Chiadain ann an Eleven. Cha phàigh sinn cosgais sam bith a thèid air rumannan leithid fòn no deoch sam bith.

Bidh cuid a dh’fheumas oidhche chur seachad air an t- slighe. Dh’iarramaid oirbh sin a chur air dòigh sibh fhèin agus na cunntasan a chumail is an cur thugainn. Cumaibh ticeadan bus, tagsaidh is eile oir chan urrainn dhuinn sgillinn a phàigheadh às aonais fianais.

Biadh/slàinte Leigibh fhaicinn dhuinn ma tha duilgheadas slàinte aig neach sam bith a tha tighinn còmhla ribh agus a bheil nì sònraichte a dhìth co-cheangailte ri biadh.