Ùr air an Làraich
19/11/2015 Na h-iar chuairtean deireannach
Deasbad Logo

As-dèidh dà là de Dheasbad thàinig na britheamhan gu co-dhùnadh mu na sgiobaidhean a bha gu bhith a’ strì an-aghaidh a-chèile ‘s na cuairtean deireannach de Dheasbad 2015. ‘S iad na ceithir sgiobaidhean sin, Sgoil MhicNeacail A, Sgoil MhicNeacail B, Àrdsgoil Àrd nam Murchan agus Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Coinnichidh na ceithir sgiobaidhean sin anns na h-iar chuairtean deireannach aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba air Dimàirt 24 Samhain agus gabhaidh a’ chuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diciadain 25 Samhain agus bidh sin ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Gu dearbha, bha gach neach a bha an làthair den bheachd gu robh an dreach ùr air cruth na farpais ag obair gu math. Fhuair a h-uile sgioba dà chothrom a bhith a’ deasbad agus chaidh comharran a thoirt seachad. ‘S iad na ceithir sgiobaidhean le na comharran is àirde a chaidh troimhe gu na cuairtean deireannach.

After two days where twenty debates took place between the Comhairle’s Debating Chamber and An Lanntair the judges yesterday evening came to a decision as to what four schools would face each other in the semi-final stages of the 2015 National Schools’ Debate competition. The four teams who have progressed to this stage are Nicolson Institute A, Nicolson Institute B, Ard nam Murchan High School and Tain Royal Academy. These four teams will take part in the semi-finals which take place at the Scottish Storytelling Centre in Edinburgh on Tuesday the 24th of November with the finals taking place the following evening and going out live on BBC Radio nan Gàidheal from the Scottish Parliament.

It was agreed that the new format for the competition was a success. Every team had the opportunity to debate twice and points were given out to each school following their debates. The four teams with the highest points after the first two rounds progressed through to the final stages of this prestigious competition.

02/10/2015 DEASBAD NÀISEANTA NAN ÀRD-SGOILTEAN 2015 AIR FÀIRE!
Deasbad Logo

Le Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2015 air fàire, tha sgoilearan bho air feadh na dùthcha trang ag ullachadh mu choinneamh an fharpais chliùiteach seo. Tha fichead sgoil bho ochd sgoiltean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais na bliadhna seo. On a thòisich an fharpais tha i air a dhol bho neart gu neart agus tha an fhrpais a-nis air a faicinn mar aon dhe na tachartasan as fheàrr agus as tarraingiche ann am bliadhna acadaimigeach àrd sgoiltean na h-Alba.

Bidh cùisean a’ tòiseachadh amàireach (3 Samhain) ann am prìomh oifisean na Comhairle agus Diciadain (4mh) anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh. Tha beagan de dh’atharrachadh air cruth na farpais am bliadhna seo agus gach sgioba a’ faighinn dà chothrom deasbad thairis an dà là. Tha fàilte chridheil air daoine a thighinn gu seòmar deasbaid na Comhairle ann an Steòrnabhagh airson an deasbaireachd a’ tòiseachadh aig 1f agus a-rithist aig 6.30f.agus a-rithist air an Diciadain far am bidh an dàrna cuairt a’ tòiseachadh san Lanntair aig 10m. agus a-rithist aig 2f. ’S iad na ceithir sgiobaidhean le na comharran is àirde thairis an dà là a thèid troimhe gu na cuairtean deireannach ann an Dùn Èideann. Bidh a’ chuairt dheireannach a’ tighinn thugaibh beò, bho Pàrlamaid na h-Alba, air BBC Radio nan Gàidheal air Diciadain 25 Samhain.

Thuirt Cathraiche Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Ghàidhlig, Calum Iain MacLeòid: “Mholainn do neach sam bith a dhol a dh’ èisteachd ri Deasbad 2015 agus taic a thoirt dhan òigridh. Gach bliadhna tha sinn a’ faicinn deasbadan a tha air leth tarraingeach – a tha na dheagh thaisbeanadh air na sgilean làidir a tha aig sgoilearan ann an conaltradh agus deasbad. Tha mi airson taing mhòr a thoirt do na luchd maoineachaidh againn As aonais an taice sin cha bhiodh e air a bhith comasach dhuinne an tachartas seo a chumail am bliadhna seo.”

With the 2015 National Schools Gaelic Debate beginning tomorrow, students across the country are busy preparing for this prestigious competition. Twenty teams from eighteen schools will be taking part in this year’s competition. Since its inception the competition has gone from strength to strength and is now seen as one of the highlights in the academic calendar of Scotland’s secondary schools.

The competition begins tomorrow, Tuesday (3rd November) at the main Council building in Stornoway with the first round of debates starting at 1pm and again at 6.30pm. The second round will take place in An Lanntair on Wednesday the 4th starting at 10am and 2pm. The four teams with the highest points will progress to the semi-final stages which will take place in Edinburgh at the end of November. The final will be broadcasted live from the Scottish Parliament on Wednesday the 25th of November.

Chairperson of the BT Scotland National Gaelic Schools’ Debate Management Committee, Calum Iain MacLeod, commented:

“I would actively encourage members of the public to go along and support the 2015 Debate. Through the course of the first two rounds in Stornoway we see some excellent debates – a showcase of the strength of the debating and communication skills of our Gaelic speaking youngsters. I would like to express our gratitude to all the funders of the competition, without that support the competition would simply not have been able to go ahead this year ”.

15/09/2015 PLANS WELL UNDERWAY FOR THE 2015 NATIONAL GAELIC SCHOOLS’ DEBATE/A’ CHIAD CHUAIRT DE FHARPAIS DEASBAD NÀISEANTA NAN ÀRD-SGOILTEAN AIR FÀIRE
Glasgow Gaelic School victorious in final of Deasbad BT Alba 2013

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2015, a bha roimhe air ainmeachadh Deasbad BT Alba, a-nis air tòiseachadh agus tha a’ chomataidh rianachd air ainmeachadh cò bhios a strì an aghaidh a-chèile sa chiad chuairt den fharpais. Tha a h-uile coltas ann gur e deagh bhliadhna a bhios ann don Deasbad! Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail ann an Steòrnabhagh air Dimàirt agus Diciadain 3mh agus 4mh Samhain 2015. Chaidh an fharpais ainmeachadh mar ‘Thachartas na Bliadhna’ aig Duaisean na Gàidhlig an-uiridh agus chìthear farpaisich a’ tighinn bho fhad is farsaing air feadh na dùthcha gus pàirt a ghabhail.

Bidh fichead sgioba à ochd sgoiltean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais 2015. Thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h- iar-chuairtean deireannach. Bidh na cuairtean deireannach air an cumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt agus Diciadain 24 agus 25 Samhain. Chaidh an taghadh airson a’ chiad chuairt mar a leanas:

Acadamaidh Inbhirpheopharain V Àrdsgoil Sheumais Gillespie B Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis V Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Àrdsgoil Àrd nam Murchan Àrdsgoil an Òbain V Àrdsgoil Mhalaig Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Sgoil MhicNeacail B Sgoil MhicNeacail A V Sgoil Lionacleit Àrdsgoil Phortrigh V Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil Àrdsgoil Sheumais Gillespie A V Sir E Scott Àrdsgoil Gheàrrloch V Acadamaidh Hazlehead

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, agus a tha na Chathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad BT Alba:

“Tha seachd bliadhna deug on a ghabh a’ chiad deasbad àite agus tha sinn ga fhaicinn a’ dol bho neart gu neart. Bu mhath leam gu sònraichte taing a thoirt do na buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt seachad dhuinn air a’ bhliadhna seo: Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd Foghlam Alba, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle Baile Ghlaschu, SCILT, Foghlam Alba agus Comhairle Lannraig a Tuath. An-dèidh soirbheachas do Mhegan Dale agus Ella Scarr bho Acadamaidh Inbhirpheopharain an-uiridh tha sinn a’ coimhead air adhart gu farpais a bhios a-rithist aig sàr àrd ìre.

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:

• Tha taic agus maoineachadh air a thighinn cuideachd bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Pròiseact nan Ealan agus MG ALBA.

27/11/2013 Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a buannachadh Deasbad BT Alba 2013!/Glasgow Gaelic School victorious in final of Deasbad BT Alba 2013!
Glasgow Gaelic School victorious in final of Deasbad BT Alba 2013

An-dèidh a’ Phaipear Geal a bhith air fhoillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba an-dè bha an àite air bhoil a-nochd a-rithist agus a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2013 a’ gabhail àite ann an Seòmar Comataidh 1. B’ iad na sgiobaidhean a bha a’ gabhail pàirt, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sgoil Lionacleit à Beinn na Faoghla agus ‘s ann a’ beachdachadh air a’ chuspair gur e an Referendum an tachartas as cudromaiche anns a’ bhliadhna a tha romhainn do dh’ òigridh Alba a bha na caileagan.

Airson a’ mholaidh bha Moilidh NicGriogair agus Sarah NicDhòmhnaill à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus an aghaidh a’ mholaidh bha Joanne agus Ceitidh NicIllinnein à Sgoil Lionacleit. Gu dearbha bha là trang dha rìreabh aig an dà sgioba is iad ag ullachadh mu choinneamh farpais a tha air a bhith ruith bho 1999. Bha obair chruaidh mu choinneamh na britheamhan, Raonaid Nic a’ Phearsain, Jo NicDhòmhnaill agus Iain Moireasdain. Ach chaidh an oidhche gu clann nighean Ghlaschu agus gu dearbha bidh iadsan air an dòigh glan a’ dol tarsaing an M8 a-nochd fhathast.

Bha cuideachd an Duais airson an Òraidiche as Fhèarr ri thoirt seachad agus ‘s e Moilidh NicGriogair à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a ghlèidh an sgiath air a’ bhliadhna seo. A toirt seachad an duais bha Michael MacNeill, Àrd Neach Naidheachd Poilitigeach aig BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA.

07/11/2013 Sgoiltean na h-Eileanan air an deagh riochdachadh anns na h-Iar Chuairtean Deireannach de Dheasbad BT Alba 2013
Sgoiltean Na H-Eileanan air an Deagh Riochdachadh anns Na H-Iar Cuairtean Deireannach de Dheasbad Bt Alba 2013

An dèidh feasgar de dheasbad a bha inntinneach agus cruaidh dha rireabh, chaidh ainmeachadh cò na sgiobaidhean a thèid troimhe chun an iar chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2013. Bha dusan sgioba a strì an aghaidh a-chèile feasgar an-diugh anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh le na ceithir sgiobaidhean aig an robh na comharran as àirde a’ dol troimhe chun an ath chuairt a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 26 Samhain 2013. ‘S iad Sgoil MhicNeacail à Leòdhas a bhios a coinneachadh ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bidh Sgoil Lionacleit an aghaidh Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.

‘S ann aig Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios na h- iar- cuairtean deireannach a’ gabhail àite air Dimàirt 26 Samhain 2013. Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 27 Samhain agus bi seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Chaidh na cuspairean a thoirt do na sgiobaidhean an-diugh fhèin agus bidh Sgoil MhicNeacail agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ deasbad air a’ chuspair; “Tha cànan ag atharrachadh, tha litreachadh ag atharrachadh. Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh”. Anns an darna deasbad bidh Sgoil Lionacleit agus na nàbaidhean aca ann am Bàgh a’ Chaisteil a’ beachdachadh air a’ chuspair “Chan eil gnothaich aig dùthchannan an taobh an iar a bhith gam faicinn fhèin mar phoilis an t-saoghail”.

06/11/2013 Dusan Sgoil a' strì airson àite anns an Iar Chuairt Dheireannach de Dheasbad BT Alba 2013 SGOIL
Obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2013 air tòiseachadh

Thàinig dà sgoil thar fhichead bho naoi sgoiltean deug còmhla anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh feasgar an-dè airson Deasbad BT Alba 2013. ‘S e bliadhna gu math sònraichte a tha seo oir ’s e seo a’ chòigeamh fharpais deug. Bha na sgiobaidhean a’ deasbad air cuspairean eadar-dhealaichte ann an dòigh a bha inntinneach agus beòthail.

13/08/2013 Deasbad BT Alba 2013
Obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2013 air tòiseachadh

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2013 air tòiseachadh. Gabhaidh a’ chiad dà chuairt àite ann an Steòrnabhagh air Dimàirt 5mh agus Diciadain 6mh Samhain 2013. Air Dimàirt 26mh agus Diciadain 27mh Samhain gabhaidh na cuairtean deireannach àite ann an Dùn Èideann. Cumaibh sùil air an làrach seo airson faighinn a-mach cò na sgoiltean a bhios a’ strì an aghaidh a-chèile ann am farpais na bliadhna seo!

29/11/2012 BT Alba a' leanntainn le taic a thoirt do Dheasbad BT Alba
BT Alba a' leanntainn le taic a thoirt do Dheasbad BT Alba

Tha Comataidh Rianachd Deasbad BT toilichte ainmeachadh gu bheil BT air taic-airgid a thabhann airson farpais 2013. Leis an taic-airgid seo tha e a ’ciallachadh gum faod an obair ullachaidh tòiseachadh mu choinneamh Deasbad na h-ath bhliadhna is iad a’ comharrachadh còig bliadhna deug bhon chaidh am farpais a’ steidheachadh an toiseach. Tha a’ Chomataidh air leth toilichte mun naidheachd seo.

29/11/2012 Is e Isabelle Bain à Sgoil MhicNeacail a bhuannaich an Òraidiche as fheàrr ann an Deasbad na bliadhna seo!
Isabelle Bain à Sgoil MhicNeacail agus Norrie MacIllinnein.

Is e Isabelle Bain à Sgoil MhicNeacail a bhuannaich an Òraidiche as fheàrr ann an Deasbad na bliadhna seo. Buinidh Isabelle do Ghriais ann an Leòdhas agus tha e air a’ cheathramh bliadhna san àrdsgoil ann an Steòrnabhagh. Bha Norrie MacIllInnein bho BBC Craoladh nan Gàidheal an làthair aig Pàrlamaid na h-Alba airson an sgiath a thoirt do Isabelle. Chaidh moladh a dhèanamh air cho fileanta agus cho siubhlach sa bha Isabelle tron fharpais air fad.

29/11/2012 Acadamaidh Rioghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh!
Murchadh MacRath bho BT Alba comhla ri Acadamaidh Rioghail Bhaile Dhubhthaich.

Tha Acadamaidh Rioghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eoghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phriomh dhuais a-nochd aig Parlamaid na h-Alba, ach ‘s ann gu math faisg a bha a’ chuis eadar an da sgioba – cho faisg is nach robh na britheamhan ag aontachadh co bu choir a phriomh dhuais a ghleidheadh! As deidh is cho faisg sa bha farpais na h-oidhche raoir bha lan fhios aig na britheamhan agus an luchd-eisteachd gu robh deasbad air leth gu bhith ri chluinntinn. Le Eoghann Peutan an lathair bha fhios gum biodh abhachdas is fealla-dha ri chluinntinn agus gu dearbha chord a’ chuis ris gach neach a bha an lathair. Ach cha burrainn ach aon taobh a bhith soirbheachail agus is ann le ar caraidean a Baile Dhubhthaich a chaidh an oidhche. Bha brigh, susbaint is staoidhle aig gach sgioba ann am pailteas. An lathair aig Parlamaid na h-Alba bha Norrie MacIllinnein bho BBC Craoladh nan Gaidheal is e a’ toirt seachad an duais airson an oraidiche is fhearr ann am farpais na bliadhna seo. Chaidh an urram sin a bhuileachadh air Isabell Bain bho Sgoil MhicNeacail. Bha na britheamhan gu sonraichte a’ moladh cho siubhlach is cho fileanta sa bha Isabelle.

Tha Comataidh Rianachd Deasbad BT toilichte ainmeachadh gu bheil BT air taic-airgid a thabhann airson farpais 2013. Leis an taic-airgid seo tha e a’ ciallachadh gum faod an obair ullachaidh toiseachadh mu choinneamh Deasbad na h-ath bhliadhna is iad a’ comharrachadh coig bliadhna deug bhon chaidh e a’ steidheachadh. Tha a’ Chomataidh air leth toilichte mun naidheachd seo.

O thoiseach gu deireadh tha farpais na bliadhna seo air dearbhadh gu bheil iomadh adhbhar againn a bhith misneachail a thaobh na Gaidhlig. Bu choir gach sgoil, gach parant, gach tidsear agus gach coimhearsnachd a bhith moiteil anns na sgoilearan a riochdaich iad ann an Deasbad BT 2012.

Tillidh Eoghann agus Breigha air ais gu Acadamaidh Rioghail Bhaile Dhubhthaich a-maireach air leth proiseil agus thathar an duil gum bi failte chridheil a’ feitheamh orra bhon sgoil.

27/06/2012 'S math a rinn thu Eilidh! Ghabh Eilidh Daniels pàirt ann an Deasbad BT Alba ann an 2007
Eilidh Daniels

Tha preasantair ùr air tòiseachadh aig BBC ALBA airson mìosan an t-samhraidh. Tha Eilidh Daniels (21) dìreach air crìoch a chur air a treas bliadhna air cùrsa Drama agus Dèanadas aig Oilthigh na Bànrigh Mairead, ann an Dùn Èideann.

’S ann à Siadar, Eilean Leòdhais a tha teaghlach a màthair ged ’s ann an Obar Dheathain a chaidh a togail, le Gàidhlig mar chiad chànan. Chaidh Eilidh gu aonad Ghàidhlig Bun-sgoil Gilcomstoun ann an Obar Dheathain agus gu Àrd-sgoil Hazlehead, far an do chum i oirre a’ dèanamh Gàidhlig gu Àrd-Ire.

An ath bhliadhna, bidh Eilidh ag obair le Tèatar Nàiseanta Alba mar ‘Bank of Scotland Emerging Artist’, ag obair air dràma Gàidhlig ùr.

08/11/2011 Duais Sònraichte
Eleanor Wilson

Anns an dealbh seo chìthear Eleanor Wilson agus am britheamh Ruairidh Iain MacLeòid. Chaidh duais sònraichte a thoirt do dh’ Eleanor, aig deireadh an dàrna là, airson seasamh an àite nighean ann an sgioba Àrdsgoil Ualais an dèidh dhi tarraing a-mach. Bha Eleanor na pàirt de sgioba Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B. Bha na britheamhan air am beò ghlacadh leis an dòigh anns an robh Eleanor deònach taic a thoirt do sgioba eile, aig a’ mhionaid mu dheireadh.