Òraidean 2007, Na Cuairtean Deireannach

An iar chuairt dheireannach: Tha thide againn an telebhisean a chur dheth.

Airson a’ mholaidh: Ard-sgoil MhicNeacail

Alison NicRath — Nach eil e truagh gu bheil e air a thighinn chun na h-ìre far a bheil feadhainn againn nas eòlaiche air dè tha tachairt ann am beatha Vera Duckworth na tha a’ dol air adhart ann am beatha na nàbaidhean againn?! Sin agaibh an suidheachadh ann am Breatainn an-dràsta, a chàirdean. Nach eil mo sheanmhair fhìn a’ bruidhinn mu dheidhinn SirTrevor mur gum biodh e a’ fuireach an ath dhoras!

Air ar slighe dhachaigh bhon Deasbad bho chionn trì seachdainean air ais chaidh am plèan air an robh sinn a’ siubhal a chur dheth air sgath ‘s an droch shìde. Bha sinn gu bhith ann an Inbhir Nis fad oidhche. Fhuair sinn chun an taigh-òsta agus dè rinn sinn – na ghlas sinn sinn fhèin as na rumannan againn airson Jeremy Kyle sa chuid amaideas fhaicinn aon uair eile? Cha do ghlas! Thàinig buidheann againn cruinn còmhla agus abair gu robh oidhche de chòmhradh, ‘s de dheasbad ‘s de fealla dha againn ‘s sinn a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig!

Ach seo an dearbh rud a tha an telebhisean air a chur as dha — a bhith a’ ceilidh ‘s a’ conaltradh anns an dòigh sna chleachd sin a bhith a-measg air daoine fhìn!

Thug sin orm smaoineachadh air suaicheantas an dhearbh bhuidheann a tha a’ maoineachadh an Deasbad seo — BT. Dè thubhairt iadsan? Nach ‘b e It’s Good to Talk? Ach tha mise a’ smaoineachadh gu bheil an t-àm ann beagan atharrachadh a thoirt air an tiotal sin agus a’ ràdh ‘Make time to talk’.

Innes MacSuain — Tha ginealach ag èirigh suas san là a th’ ann, a tha, mar a chanas iad sa chànan eile mar Bhuntàta na Beinge. Tha iad a’ tuiteam sìos air beulaibh a’ bhogsa agus sin iad ann an sin gus an gluais an t-acras no an cadal iad. Mar thoradh air sin tha clann an là an-diugh a’ fàs reamhar agus mi-fhallain agus a’ dèanamh nas lugha ‘s nas lugha de dh’eacarsaich. Tha làn fheum againn an tele a chur dheth gus am faigh sinn air piseach a thoirt air slàinte ar dùthcha.

Chan eil daoine deònach a bhith a’ dol an sàs ann an nithean sa choimhearsnachd aca — sin adhbhar eile a tha thìd againn an telebhisean a chur dheth. Chan eil guth an-diugh air càirdeas is dualchas is eachdraidh an àite dham buin iad – tha iad nas eòlaich air caractaran nan siabain na tha iad air an nàbaidhean. Chomharraich a’ choimhearsnachd dom buin mise an t-seachdain a chaidh gun robh deich bliadhna fichead on chaidh Comunn Eachdraidh a stèidheachadh san sgìre – agus gu dearbha cha b’ ann tro bhith nan suidhe air beulaibh an tv a chaidh sin a dhèanamh.

‘S e fìrinn na cùise gur ann nas miosa a tha cùisean a’ dol a dh’fhas oir tha ma na meadhanan gu lèir a’ dol cruinn san aon bhogsa – an coimpiutair, an telebhisean, na h-innealan gheamannan, na h-innealan airson a bhith ag èisteachd ri ceòl agus eadhoin am fon-làimhe. Chan fhada a dh’fheumas tu carachadh às an aon àite bho mhoch gu dubh gus cothrom fhaighinn air a h-uile càil a tha sin.

An aghaidh a’ mholaidh: Sgoil Lionacleit

Megan NicRath — Chan eil an telebhisean ach mar a tha gu leòr rudan eile. Gabhaidh i a cleachdadh airson an rud as fheàrr fhaighinn aiste ach feumaidh daoine iad fhèin an ìnntinn a dhèanamh an àrd cuin a bu chòir dhaibh a cur dheth.Nach ann mar sin a tha a h-uile rud, mar eiseimpleir, nach eil dotairean ag ràdh gu bheil gloinne de fhìon dearg math do dhuine ach chan e an aon chomhairle a bhitheadh aca nan cumadh daoine orra ag òl gus an robh iad air trì botail òl!

Chan urrainn do dhuine a ràdh nach eil an telebhisean na meadhan a tha freagarrach air foghlam, fiosrachadh agus toileachas a sgaoileadh an luib dhaoine. A bharrachd air an fhiosrachadh a bhitheas duine a’ faighinn tro na naidheachdan, tha mòran ri ionnsachadh tro phrogramman mar Autumnwatch agus programman a tha a’ toirt dhuinn sealladh air dòighean-beatha, cleachdaidhean agus àitichean air feadh an t-saoghail nach eil cothrom againn fhaicinn ach air an telebhisean.

A’ bruidhinn air Gàidhlig canaidh cuid gu bheil an telebhisean air milleadh mòr a dhèanamh air a’ chànan. A bheil? Chan eil an telebhisean a’ toirt oirnn sgur a bhruidhinn Gàidhlig no sgur a dhol a choimhead air nàbaidhean. ‘S e an leisg a tha a’ dèanamh sin! ‘S co-dhiù, nach eil channel telebhisean ùr Gàidhlig gus a bhith ann? Channel air am bi prògramman cudromach Gàidhlig. Prògramman a bheir fiosrachadh do dhaoine aig nach eil eòlas air a’ chànan no air an dualchas.

A’ chuairt dheireannach: Tha urram dhan aois air a dhol ro fhada.

Airson a’ mholaidh: Ardsgoil Phort Rìgh

Iain MacNeacail — ‘S cinnteach gum bi Sgoil Lionacleit a’ dealbhadh Ardsgoil Phort Righ rudeigin mar na seann treubhan Inuit far an robh feum aig daoine nauir a chaidh iad nam bodaich a bhith a’ fàgail an treubh is a’ dol fhan fhàsach gun tilleadh gus nach biodh iad nan eallach air an treubh.

Bhiodh iad ceàrr sin a dhèanamh — tha Ardsgoil Phort Righ den bheachd gum bu chòir dhuinn mar sluagh coimhead as deidh gach duine aig nach eil comas coimhead as an dèidh fhèin — ge b’e dè an aois a tha iad.

Tha Ard-sgoil Phort Righ airson sealltainn nach eil e reusanta neo ciallach a bhith a’ sonrachadh buidheann sam bith a thaobh rud nach urrainn dhaibh a thaghadh.

Am bu chòir dha duine dall a tha seachdad sa còig seirbhis nas fheàrr fhaighinn na duine dall a tha fichead? Tha an dithis aca ann an staing agus tha an dithis aca cheart cho airidh air taic.

Tha seo a’ buntainn ri saoghal na h-obrach cuideachd – a rèir an lagh ùr a’ cur an aghaidh grain-aois, chan urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn air daoine air sgàth’s aois – agus gu dearbh, ma tha duine fhathast comasach, bhiodh e ciallach a bhith a’ leigeil orra leantainn orra anns an obair, ach gu mi-fhortanach, mar a thug mi luaidh – bidh comasan na bodhaig gar leigeil sios. Tha e practigeach agus ciallach ann an grunn dhe na proifeasanan gu bheil ìre aois ann airson daoine a bhith a’ sgur obair – mar eisimpleir luchdsmàlaidh.

Tha urram do aois air a dhol ro fhada nuair a tha sinn a’ leigeil air duine a bhith a’ fuireach ann an obair nach eil iad a’coileanadh dìreach air sgàth’s gun robh iad an còmhnaidh ann…

Chan eil seann daoine ag iarraidh laimhseachadh sonraichte. Tha iad ag iarraidh an aon laimhseachadh, an laimhseachadh cothromach a bhios gach duien airidh air. A bheil iad a’ toirt sùil orra fhèin san sgàthan sa mhadainn agus gam faicinn mar bheathach eadar-dhealaichte. Chan eil.

Ma bhios sinn a’ dèiligeadh ri seann dhaoine mar gun robh iad nan gnè eadar-dhealaichte, bu bheag an t-iongnadh nan robh iad mi-thoilichte mu dheidhinn seo agus ag obair ri chèile an aghaidh daoine eile. Gu dearbh tha seo a’ tachairt mu thràth, leis na tha air ainmeachadh mar an Bhòt Liath – far am bi luchd poileataigs ag obair airson na bhòtaichean aig seann dhaoine a tharraing.

Tha sinn uile, sean agus òg fo ionnsaigh a’ bhòt Liath, le beachdan aon bhuidheann ag sparradh oirnn.

A sheann dhaoine an làthair a-nochd agus ag èisteachd aig an taigh, chan eil Ard-sgoil Phort Righ idir idir nur aghaidh. Cha bhi sinn gar cur a-mach air an iceflow….

Danaidh Steele — Cha tig an aois leis fhèin ach chan eil an seanfhacal sin ag ràdh dè tha tighinn leis….Chan eil e cinnteach gun tig gliocas no eòlas na lùib – smaoinichibh air Raibeart Mugabe – a’ marbhadh an t-sluaigh, a’ creachadh na dùthcha agus a’ bacadh dùbhlan. Am bu chòir dhuinn urram a thoirt dhan duine seo a tha còrr air ochdad dìreach air sgàth ‘s gu bheil e aosd’?

Tha an urram a tha aig seann daoine san lathaan- diugh a’ ciallachadh gu bheil sinn dall mu dheidhinn comasan seann dhaoine – chan eil iad uile glic – smaoinichibh air Mugabe an coimeas ri Nelson Mandela. Dè tha ceangailte eadar urram agus aois? Chan eil càil.

Bidh cuid de na pàipearan naidheachd ancòmhnaidh a’ toirt tòrr urram do ghearain bho chaillich is bodaich mu dheidhinn a’ mhì-mhodh a bhios òigridh san sgìre a’ dèanamh. Ach càit a bheil an guth aig an òigridh mu dheidhinn seann dhaoine a tha suas ri rudan fada nas miosa?

Ach tha urram do sheann aois air a dhol ro fhada nuair a tha an Stàit a’ toirt còrr is ceud not gach seachdainn do dhaoine dìreach air sgàth’s gu bheil iad nas sine na seasgad sa còig……thug sinn luaidh air an fheadhain ann am feum ach tha tòrr a bharrachd seann dhaoine anns na làithean seo le peinnseanan priobhaideach, taighean mòra agus mòran airgead sa bhanca – is iadsan a’ gabhail an airgead co dhiubh – nach biodh e nas ciallaiche an t-airgead sin a thoirt dhaibhsa a tha ann am feum.

An aghaidh a’ mholaidh: Sgoil Lionacleit

Megan NicRath — Nach eil e ceart gum bi urram air shealltainn dhan a h-uile duine? Tha fios gu bheil, ach o chionns nach eil an urram a b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ sealltainn do dhaoine na bu shìne na iad fhèin a’ tachairt gu nàdarra andiugh, nach eil còir aig dùthaich shìobhalta sam bith a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil còirichean aig daoine a tha a’ dèanamh soilleir gu bheil urram agus spèis air a shealltainn.

Ma tha sibh den bheachd gu bheil urram dhan aois air a dhol ro fhada coimheadaibh còmhla rium airson mionaid air na suidhichean anns a bheil daoine a tha suas ann am bliadhnaichean ann am Breatann an-diugh.

Tha fichead sa còig mìle seann duine a’bàsachadh air sgath’s an fhuachd gach bliadhna.Dè seòrsa urram a tha seo a’ sealltainn dhan aois? Tha sinne ann an dùthaich shìobhalta a’ leigeil leis an seo tachairt.

Ma tha cus chòirichean aig seann dhaoine, nach biodh sibh an dùil gum biodh daoine a’ fàs nas fheàrr dheth leis an aois?

Carson ma tha, a tha trì chairteil a mhillean de sheann daoine ann am Breatann a’faireachdainn aonranach?Còrr is millean seann duine a’ faireachdainn nam prìosanaich nan dachaighean fhèin?

Carson ma tha cus urraim air a shealltainn dhan aois a dh’fheumas fiù’s buidheannan charthannais mar “Help the Aged” agus “Age Concern” a bhith ann sa chiad àite? Feumaidh, airson nach eil urram gu leòr aig an aois ‘s gu feum buidhnean mar seo strì a dhèanamh air an son.

Mura b’e an ginealach de dhaoine a tha a-nis sean agus a bha ag obair bliadhnaichean air-ais, nuair a bha eaconomaidh Bhreatann fhathast a’fàs, cha bhiodh eaconomaidh na dùthcha cho làidir ‘s a tha i an-diugh ‘s cha bhiodh ar sgoiltean, ospadalan, rathaidean ‘s a leithid am measg an fheadhainn as fhèarr anns an t-saoghal. Carson nach biodh urram air a shealltainn dha na daoine a dh’obraich cho cruaidh airson ar dùthaich a thoirt chun na h-ìre seo?

AGUS dè mun fheadhainn a tha nis sean ach nan òige a chaidh a shabaid airson Breatann ann an iomadh cogadh?Chan eil iadsan, a bha deònach am beatha a thoirt seachad airson an dùthaich, a’faighinn mòran taic no urram. Gun teagamh, tha sinn a’ toirt urram dhaibh air latha Sàbaid cuimhneachaidhagus ‘s dòcha a’ cur poppy nar còta airson seachdain ron sin ach dè mu dheidhinn a h-uile latha agus a h-uile seachdain eile sa bhliadhna?

Ciorstaidh NicAmhlaidh — ‘S rud neònach a tha seo a ràdh nuair a smaoinicheas tu air na gearainean a th’ann mu òigridh an latha an-diugh. Tha sinn daonnan a’ cluinntinn nach eil urram aca dha duine sam bith! Tha fios gur e deagh rud a th’ ann, urram a shealltainn do dhuine sam bith ‘s gur ann a tha còir againn a bhith ga bhrosnachadh ’s ga phutadh cho fad ’sa urrainn dhuinn seach a bhith ga chuingleachadh.

Nach eil sinn cuideachd air fàs cleachdte ri bhith cluinntinn pàrantan ag ràdh nach urrainn dhaibhsan sian a dhèanamh airson smachd a chumail air an cuid cloinne? Tha e gu math nochte anns na suidhichean sin nach eil urram aig a’ chlann dham pàrantan. Dè thachair dha briathran a’ Bhìobaill a tha ag ràdh — eist ri d’ athair a ghin thu agus, na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosta.

Tha saoghal an latha an-diugh air cùl a chur ri comhairle mar seo a thàinig a-nuas tro na ginealaichean agus a bha a’ cumail ar saoghal air an rathad cheart.

Tha am moladh seo a’ toirt oirnn a bhith a’ smaoineachadh gu bheil an urram a tha duine a’ faighinn a’ meudachadh a-rèir mar a tha e a’ fàs nas sìne. Mar sin, nach biodh sibh an dùil gum biodh tòrr urraim air a shealltainn do sheann daoine? Tha seo gu h-àraid follaiseach nuair a smaoinicheas sinn mu chùram is cuideachadh slàinte. Agus smaoinichibh airson mionaid air na rudan a tha cuid de sheann daoine a’ fulang ann am feadhainn de na dachaighean cùraim sin.

Ann am prògram Panorama a chaidh a-mach nas traithe am bliadhna, chunnaic sinn gu robh seann daoine a’ fulang droch dhiol ann an cuid de dh’ ospadalan is ionadan cùram. Bhiodh iad a’ faighinn tuilleadh ‘s a chòir de phileachan a bha gan dèanamh cadalach; bhitheadh an luchdobrach ag èigheach riutha agus cha bhiodh iad a’ faighinn biadh ceart.

Tha sinn a’ toirt barrachd urram dhan na peataichean againn na tha sinn a’ toirt dha na daoine a dh’ obraich cho cruaidh airson gum biodh cothroman againne an-diugh.

’S e gnothach maslach a th’ ann cuideachd gu bheil droch dhìol nas buailtiche tachairt mar as sìne a tha an seann duine a’ fàs. Nach eil sinn uile airson ’s gum bi urram air a shealltainn dhuinn gebith dè ‘n aois a tha sinn ach gu h-àraid nuair a tha sinn a’ fàs nas laige agus nas fheumaiche air taic.

Na sgoilearan a bha a' deasbad.

Na sgoilearan a bha a' deasbad.

pdf icon Na Cuairtean Deireannach
Feumar Adobe Acrobat Reader airson na faidhlichean PDF a leughadh. Tha am prògram seo an-asgaidh agus gheibhear e tro làrach-lìn Adobe. Thèid gu làrach-lìn Adobe agus lean na h-òrdughan gus Adobe Acrobat Reader fhaighinn air a’ choimpiutar agad fhèin.

Adobe reader icon