Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2008

Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
5 an t-Samhain 2008

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1.30f
A Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A
v
Àrdsgoil Àrd nam Murchain
Tha an t-àm ann cìsean a chur air biadh nach eil fallain.
B Sgoil MhicNeacail A
v
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil B
Tha luchd nan tuarastail mòra airidh air a h-uile sgillinn.
CSgoil Sir E Scott
v
Àrdsgoil Ghèarrloch
Bhiodh an saoghal na b' fheàrr às aonais turasachd.
D Àrdsgoil Ghleann Challdair
v
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha thìde aig Breatainn ionnsachadh bho na Stàitean Aonaichte nuair a thig e gu àm taghaidh.
EÀrdsgoil Chnoc na Pàirce
v
Sgoil Lìonacleit
Bu chòir don h-uile sgìre air feadh Alba bhith toirt àite don Ghàidhlig.
6.30f
F Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig A
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
Bu chòir do dhaoine a tha gu saor thoileach a’ cur am beatha ann an cunnart na cosgaisean sàbhalaidh a phàigheadh.
G Àrdsgoil Phort Rìgh
v
Àrdsgoil Lochabair
Tha saor làithean nan sgoiltean ro fhada.
H Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
v
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig B
'S e cleachdaidhean dhaoine seach laghan a bheir piseach air an àrainneachd.
IAcadamaidh Inbhir Pheofharain A
v
Sgoil MhicNeacail B
Bu chòir an aois aig a bheil e ceadaichte deoch làidir a cheannach a dhol suas gu 21.
JÀrdsgoil Sheumais Gillespie
v
Acadamaidh Inbhir Pheofharain B
Tha na rionnagan (celebrities) a’ fulang fo phrosbaig nam meadhanan.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
6 an t-Samhain 2008
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
ASgoil Bhàgh a' Chaisteil A
v
Sgoil MhicNeacail A
Chan urrainn cus aodaich a bhith aig duine.
BÀrdsgoil Ghèarrloch
v
Àrdsgoil Ghleann Challdair
Bu chòir taic a thoirt do rannsachadh bun-cheallan. (stem cell)
C Sgoil Lìonacleit
v
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig A
Tha pàrantan a’ fàgail cus an urra ri na sgoiltean.
D Àrdsgoil Phort Rìgh
v
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
Tha an saoghal an ear a-nis air thoiseach air an t-saoghal an iar.
ESgoil MhicNeacail
v
Acadamaidh Inbhir Pheofharain B
Chan eil àitean gu leòr ann don òigridh an guthan a thogail.

An Iar-Chuairt Dheireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba, Dùn Èideann
19 an t-Samhain 2008
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
A Sgoil Lìonacleit
v
Àrdsgoil Phortrigh
Bu chòir do dh’Alba bhith seasamh leatha fhèin aig na h-Olympics.
B Sgoil MhicNeacail A
v
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig A
Bu chòir don h-uile deugar greis de sheirbheis coimhearsnachd a dhèanamh.

A’ Chuairt Dheireannach
Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann
20 an t-Samhain 2008
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
ASgoil Lìonacleit
v
Sgoil MhicNeacail A
Mur eil prògraman mar “X Factor air an t-Seanail ùr Gàidhlig, cha shoirbhich leatha.