Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2010

Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Dimàirt 2 an t-Samhain 2010

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:30f
ASgoil Ghàidhlig Ghlaschu A
v
Sgoil MhicNeacail B
’S e cosgais airgid gun chiall a th’ anns na Geamannan Oilimpigeach.
B Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
v
Àrdsgoil Sheumais Gillespie A
Uaireannan, tha e ceart gu leòr breug innse.
C Sgoil Lìonacleit
v
Àrdsgoil Sheumais Gillespie B
Tha irisean dheugairean a’ dèanamh barrachd cron na tha iad de dh’fheum.
DAcadamaidh Inbhir Pheofharain
v
Sgoil MhicNeacail A
Leis an eaconamaidh mar a tha i, chan eil còir aig aonaidhean a bhith a’ gairm stailcean.
E Acadamaidh Hazlehead
v
Àrdsgoil Ghleann Challdair
Tha thìde ann cead a thoirt do luchd-naidheachd deilbh agus bhidio a thogail ann an taighean-cùirte Bhreatainn.
6:30f
F Sgoil Bhàgh a' Chaisteil A
v
Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich
Tha Runrig air barrachd feum a dhèanamh dhan Ghàidhlig na clas-oidhche sam bith.
G Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
v
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
Tha beartas na uallach, chan ann na shochair.
HSgoil Bhàgh a' Chaisteil B
v
Àrdsgoil Phort Rìgh
Bu chòir sguir a thoirt seachad dhuaisean ann an sgoiltean.
I Sgoil Sir E. Scott
v
Àrdsgoil Thiriodh
Cha bu chòir sanasachd a tha ag amas air clann a bhith ceadaichte.
JÀrdsgoil Ualais
v
Acadamaidh Bhaile Theàrlaich
Bu chòir eucoraich òga a chur do champa shaighdearachd (boot camp).

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diciadain 3 an t-Samhain 2010
1.30 feasgar

Bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air a’ chuspair a leanas: Tha na h-Aimeireaganaich fada nas fheàrr na na Breatannaich air prògraman telebhisean a dhèanamh.

ÒrdughSgoiltean
ASgoil Bhàgh a' Chaisteil A
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
BAcadamaidh Rìoghail Inbhirnis
v
Àrdsgoil Phort Rìgh
CSgoil MhicNeacail A
v
Sgoil Lìonacleit
DSgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
v
Sgoil Sir E. Scott
ESgoil MhicNeacail B
v
Acadamaidh Bhaile Theàrlaich
FAcadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
v
Acadamaidh Hazlehead

Na h-Iar Chuairtean Deireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
43-45 Sràid Àrd, Dùn Èideann
Dimàirt 23 Samhain 2010
6.30 Feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
ASgoil Bhàgh a’ Chaisteil A
v
Sgoil MhicNeacail A
Tha thìde ann a-nis Hiort ath-bheothachadh le luchd-fuirich làn-ùine.
BAcadamaidh Allt a’ Mhuilinn
v
Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
Chan ann airson beatha-cosnaidh a bu chòir do sgoiltean a bhith ag ullachadh sgoilearan idir.

A’ Chuairt Dheireannach
Pàrlamaid na h-Alba
Diciadain 24 Samhain 2010
6.00 Feasgar (Feumar a bhith deiseil airson suidhe mu 5.30)

ÒrdughSgoilteanCuspairean
A Tha e nas fheàrr do leanabh a bhith air a thogail air an dùthaich na sa bhaile mhòr.
Cruth a’ Chiad Dà Chuairt:

A’ Chiad Chuairt:
Gheibh 12 sgiobaidhean troimhe - na deich sgiobaidhean a bhuannaich agus an dà sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan.

Thèid na sgiobaidhean sin air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad ann an Cuairt 2. Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid.

An Dàrna Cuairt:
Bidh 6 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair:
“Tha na h-Aimeireaganaich fada nas fheàrr na na Breatannaich air prògraman telebhisean a dhèanamh.”

Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar.

Gheibh na ceithir sgiobaidhean as fheàrr ann am beachd nam britheamhan troimhe gu na cuairtean deireannach.

Uairean:
2 Samhain: 1.30 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh cothrom ann air “ice-breaker/warm-up” san Lanntair aig 1.00 agus 6.00. Bidh dìnnear ann san Lanntair mu chòig uairean.

3 Samhain: 1.30 feasgar. Cumaidh cùisean a’ dol gus am bi gach deasbad deiseil, agus an uairsin bidh dìnnear ann san Lanntair. Às dèidh na dìnneir (’s dòcha 7.45), bidh cothrom ann coinneachadh aig cèilidh beag, fhathast san Lanntair. Tha sinn an dòchas buidheann-ciùil òigridh fhastadh airson cuideachadh le seo.

Air madainn 3 Samhain, bidh cur-seachad air a chur air dòigh don fheadhainn nach d’fhuair troimhe dhan dàrna cuairt.