Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2011

Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Dimàirt 8 an t-Samhain 2011

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:00f
A Àrdsgoil  Ualais
v
Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
’S e deagh shamhla a th’ ann an Lady Gaga dhan òigridh.
B Sgoil Sir E. Scott
v
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
Chan e tidsearan a bu chòir a bhith againn a’ teagasg ann an sgoiltean, ach  eòlaichean sgus daoine soirbheachail mar Lord Sugar.
C Acadamaidh Grange
v
Sgoil MhicNeacail
Tha an teaghlach rìoghail a’ dèanamh feum mhòr do Bhreatainn.
D Àrdsgoil Phort-righ
v
Àrdsgoil Sheumais Gillespie
Tha clann a’ fàs suas ro luath anns an latha an-diugh.
E Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
v
Àrdsgoil Lochabar
Bu chòir spòrsan cunnartach a bhith air an casg.
6:30f
FAcadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
Tha thìde aig boireannaich Bhreatainn sgur a dhèanamh ùpraid airson an còirichean nuair a tha iad mar-thà air am buannachadh.
G Àrdsgoil an Òbain
v
Àrdsgoil Ghleann Challdair
Cha bu chòir dha bhith laghail do phàrantan an clann a chur tro fhoghlam aig an dachaigh.
HÀrdsgoil Thiriodh
v
Acadamaidh Hazlehead
Bu chòir casg a chur air sgoilearan bho bhith a’ gabhail obraichean gus am fàg iad an sgoil
I Sgoil Lìonacleit
v
Àrdsgoil Gheàrrloch
Tha peataichean nan companaich nas fheàrr na daoine.
J Sgoil Bhàgh a' Chaisteil
v
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A
Tha prìosanaich air na còirichean aca a leigeil seachad a’ mhionaid a thionndaidheas a’ ghlas.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diciadain 9 an t-Samhain 2011
1.30 feasgar

Bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air a’ chuspair a leanas:Tha cus saoirsinn aig daoine am beachdan a chur an cèill air làraichean conaltraidh-sòisealta.

Seo an cruth a tha gu bhith air an dàrna cuairt den Deasbad:

  • Bidh na DEICH sgiobaidhean a bhuannaich anns na farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan (12 sgioba air fad)
  • Mar sin, bidh 6 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair
  • Chan urrainn dhuinn innse aig an ìre-sa dè an taobh den chuspair air am bi na sgiobaidhean a’ deasbad. Thèid na sgiobaidhean air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad.  Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid – ach chan e droch rud a tha sin!  
  • Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar
  • Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.

ÒrdughSgoiltean
ASir E Scott
v
Àrdsgoil an Òbain
B Sgoil MhicNeacail
v
Sgoil Lìonacleit
C Àrdsgoil Sheumais Gillespie
v
Àrdsgoil Ualais
DAcadamaidh Hazlehead
v
Àrdsgoil Gheàrrloch
ESgoil Bhagh a’ Chaisteil
v
Àrdsgoil Phortrìgh
FAcadamaidh Dhrochaid an Easbaig
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn

An Iar-Chuairt Dheireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
Dùn Èideann
Dimàirt 29 Samhain 2011
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
ASgoil MhicNeacail
v
Àrdgsoil Gheàrrloch
'S e amaideas a th’ ann a bhith a’ cosg ùine no airgead air a bhith fasanta.
BÀrdsgoil Sheumais Gillespie
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
Bu chòir an Crannachar Nàiseanta a stad.

A’ Chuairt Dheireannach
Pàrlamaid na h-Alba
Diciadain 30 Samhain 2011
7.00 Feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
AÀrdgsoil Gheàrrloch
v
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain. (’S ann air Latha Naomh Anndrais a tha a’ final)

Fiosrachadh mu Dheasbad BT Alba 2011

A’ Chiad Dà Chuairt: 8/9 Samhain (Dimàirt/Diciadain) anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh
Na Cuairtean Deireannach: 29/30 Samhain (Dimàirt/Diciadain) ann an Dùn Èideann
Gabhail Pàirt: 20 sgioba à 19 sgoiltean.

Cruth a’ Chiad Dà Chuairt:
A’ Chiad Chuairt: Gheibh 12 sgioba troimhe - na h-aon sgiobaidhean deug a bhuannaich agus an  sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan.
An Dàrna Cuairt *: Bidh gach sgioba a’ deasbad air an aon chuspair. Cha bhi na sgiobaidhean a’ tighinn a-steach don t-seòmar-deasbaid gus am bi iad fhèin a’ deasbad. Thèid na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean air adhart gu na cuairtean deireannach.
Uairean: 8 Samhain:  1.00 feasgar agus 6.30 air an oidhche. Bidh cothrom ann air
“ice-breaker/warm-up” san Lanntair aig 1230 agus 6.00. Bidh dìnnear ann san Lanntair mu chòig uairean. 
Riaghailtean Gheibhear riaghailtean na deasbaid air an làrach-lìn aig www.deasbadbtalba.com
Siubhal Bidh siubhal air a chur air dòigh le Chris Ina NicLeòid aig 01851708662:
cimacleod@cne-siar.gov.uk. Dèanaibh cinnteach gun toir sibh na h-ainmean mar a tha iad a nochdadh air cairtean siubhail. Bhiodh e feumail dhuibh seo a dheànamh cho luath is a ghabhas gus am
faigh sinn faraidhean reusanta saor is gum bi sinn cinnteach gum bi suidheachain air a’ phlean. Bidh bus  no tagsaidh a’ feitheamh oirbh aig a’ phort-adhair an Steòrnabhagh.
Àite-fuirich Bidh a h-uile duine a’ fuireach ann an Caladh Inn, James Street, Stornoway HS1 2QN. Tel 01851702740. Bidh leabaidh is bracaist pàighte is gheibh sibh brot is ceapaire am meadhan an latha. Bidh dinneir san Lanntair  gach latha. Cha hàigh sinn cosgais sam bith a thèid air rumannan leithid fòn no deoch sam bith.

Bidh cuid a dh’fheumas oidhche chur seachad air an t-slighe. Dh’iarramaid oirbh sin a chur air dòigh sibh fhèin agus na cunntasan a chumail is an cur thugainn. Cumaibh ticeadan bus, tagsaidh is eile oir chan urrainn dhuinn sgillinn a phàigheadh às aonais fianais.
Biadh/slàinte Leigibh fhaicinn dhuinn ma tha duilgheadas slàinte aig neach sam bith tha tighinn còmhla ribh agus a bheil nì sònraichte a dhìth co-cheangailte ri biadh.

Sgoiltean agus Cuspairean  (Cuairt 1): Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.