Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2012

Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diciadain 7 an t-Samhain 2012

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:00f
A Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
V
Àrdsgoil an Òbain A
’S e ìomhaigh as cudromaiche na comas ann an saoghal an latha an-diugh.
B Àrdsgoil Ghleann Challdair
V
Àrdsgoil an Òbain B
Bu chòir don aois aig am faodar bhòtadh a thoirt a-nuas gu sia bliadhna deug.
C Sgoil MhicNeacail B
V
Àrdsgoil Ualais
Bu chòir pàrantan seachnadh a bhith toirt dhèideagan seachad a tha nam modalan de innealan cogaidh no innealan fòirneirt.
D Àrdsgoil Àrd nam Murchan
V
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
Chan eil adhbhar sam bith a-nis nach fhaodadh foghlam sgoile a bhith air a thoirt seachad le goireasan digiteach a mhàin.
E Sgoil MhicNeacail A
V
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Tha boireannaich nas fhèarr air teagasg na tha fireannaich.
F Àrdsgoil Gheàrrloch
V
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
Tha prògraman mar ‘The Voice’ agus ‘Britain’s got Talent’ a’ dèanamh barrachd cron na tha iad a dèanamh de dh’fheum.
6:30f
G Àrdsgoil Phortrigh
V
Àrdsgoil Sheumais Gillespie
Bu chòir gum biodh e comasach casg a chur air daoine fo fhichead no os cionn seachdad an cur fhèin air adhart airson a bhith nam buill-phàrlamaid.
H Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A
V
Àrdsgoil Lochabar
Tha Google agus a leithid a’ milleadh comasan cruthachail agus comasan reusanachaidh ar n-eanchainnean.
I Àrdsgoil a’ Phluic
V
Àrdsgoil Mhalaig
Tha thìde aig dùthchannan beairteach an t-saoghail spionnadh às ùr a chur ann an rannsachadh fànais.
J Sgoil Sir E Scott
V
Acadamaidh Inbhirpheofharain
Bu choir dhuinn a bhith deònach pàigheadh airson ar foghlam.
K Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
V
Acadamaidh Hazlehead
Mar as motha bhios agad is ann is toilichte a bhitheas tu.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diardaoin 8 an t-Samhain 2012
2.00 feasgar

Bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air a’ chuspair a leanas: Tha airgead agus sannt air spòrs a mhilleadh.

ÒrdughSgoiltean
ASgoil Ghàidhlig Ghlaschu A
V
Sgoil Bhàgh a' Chaisteil
BAcadamaidh Inbhirpheofharain
V
Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
CÀrdsgoil Sheumais Gillespie
V
Àrdsgoil a’ Phluic
DSgoil MhicNeacail B
V
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
EÀrdsgoil Phortrigh
V
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
FAcadamaidh Dhrochaid an Easbaig
V
Àrdsgoil an Òbain B

Seo an cruth a tha gu bhith air an dàrna cuairt den Deasbad:

  • Bidh na h-aon sgiobaidhean deug a bhuannaich anns na farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan (12 sgioba air fad)
  • Mar sin, bidh 6 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair
  • Chan urrainn dhuinn innse aig an ìre-sa dè an taobh den chuspair air am bi na sgiobaidhean a’ deasbad. Thèid na sgiobaidhean air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad. Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid – ach chan e droch rud a tha sin!
  • Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar
  • Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.

An Iar-Chuairt Dheireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
Dùn Èideann
Dimairt 27 Samhain
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
AÀrdsgoil Phort Rìgh
V
Sgoil MhicNeacail B
Bu chòir lagh a bhith ann mu na dh’ fhaodas teaghlach a chosg air biadh mi-fhallain gach seachdain.
B Acadamaidh Inbhirpheofharain
V
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
Tha latha nam pàipearan-naidheachd seachad.

A’ Chuairt Dheireannach
Pàrlamaid na h-Alba
Diciadain 28 Samhain 2012
7.00 Feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
A Bu chòir Siostam Onaran na Bànrigh a thoirt gu crìch.