Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2013

Sgoiltean agus Cuspairean (Cuairt 1): Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Dimairt 5 an t-Samhain 2013

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:00f
A Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
V
Acadamaidh Ualais
Tha thìde peanas bàis a thoirt air ais do lagh na Rìoghachd Aonaichte.
B Acadamaidh Grange
V
Sgoil MhicNeacail A
Bu chòir do ‘chip’ coimpiutair a chur don h-uile leanabh nuair a tha iad air am breith.
C Sgoil Sir E Scott
V
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Bu chòir do chead a bhith aig na poilis do stad agus do rannsachadh aig àm sam bith.
D Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
V
Àrdsgoil Mhalaig
Cha bu chòir dha a bhith ceadaichte do dhuine fo aois fichead bliadhna cunntas meadhanan-sòisealta a thòiseachadh.
E Sgoil MhicNeacail B
V
Àrdsgoil an Òbain B
’S e gòraich a th’ ann a ràdh nach urrainn do dh’airgead toileachas-beatha a thoirt dhut.
F Acadamaidh Hazlehead
V
Àrdsgoil Sheumais Gillespie
Tha leasanan còcaireachd dhan h-uile sgoilear nas cudromaiche na leasanan spòrs.
6:30f
G Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
V
Àrdsgoil Ulapuil
Tha e nàir gu bheil beathaichean, mar eisimpleir pandathan Dhun Èideann, gan toirt às an àrainneachd fhèin airson cur-seachad agus airgead.
H Àrdsgoil Gheàrrloch
V
Àrdsgoil Lochabar
Bu chòir lagh a bhith ann gun dèan daoine a tha faighinn sochairean sòisealta, agus a tha fallain, obair fheumail sa choimhearsnachd.
I Sgoil Lionacleit
V
Sgoil MhicNeacail C
Tha còir a bhith seachnadh nan companaidhean nach eil a’ pàigheadh chìsean ann am Breatainn.
J Àrdsgoil Ghleann Challdair
V
Àrdsgoil Phortrigh
Gheibheadh sinn foghlam àrd-ìre na b’ fheàrr nam bhiodh sinn a’ pàigheadh air a shon.
K Acadamaidh Inbhirpheofharain
V
Àrdsgoil an Òbain A
Bu chòir gum biodh e mì-laghail gun do bhòt a chleachdadh aig taghaidhean.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diciadain 6 an t-Samhain 2013
2.00 feasgar

Bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air a’ chuspair a leanas: Chan eil gaisgich ann san latha an-diugh mar a bh’ ann uaireigin.

Seo an cruth a tha gu bhith air an dàrna cuairt den Deasbad:

  • Bidh na h-aon sgiobaidhean deug a bhuannaich anns na farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan (12 sgioba air fad)
  • Mar sin, bidh 6 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair
  • Chan urrainn dhuinn innse aig an ìre-sa dè an taobh den chuspair air am bi na sgiobaidhean a’ deasbad. Thèid na sgiobaidhean air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad. Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid – ach chan e droch rud a tha sin!
  • Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar
  • Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.