Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2014

Sgoiltean agus Cuspairean (Cuairt 1): Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

A’ Chiad Chuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Dimairt 4 an t-Samhain 2014

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:00f
A Sgoil MhicNeacail B
V
Acadamaidh Inbhirpheopharain A
Tha an Riaghaltas a’ fàgail cus an urra ri buidhnean carthannais.
B Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
V
Acadamaidh Dhùn Omhain B
Chan eil luchd-ealain a’ faighinn an urram air a bheil iad airidh.
C Àrdsgoil Sheumais Gillespie
V
Àrdsgoil an Òbain
Tha cus phrògraman còcaireachd is bèicearachd air an telebhisean.
D Àrdsgoil Lochabair A
V
Acadamaidh Inbhirpheopharain B
Tha e ceadaichte breug innse aig amannan.
E Acadamaidh Hazlehead
V
Acadamaidh Dhùn Omhain A
Tha còir barrachd àite is taic a thoirt do bhall-coise air a chluich le boireannaich.
F Sgoil MhicNeacail A
V
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
Chan eil againn a-nis ach aon fheachd poileis ann an Alba agus ’s e deagh rud tha sin do ar coimhearsnachdan.
6:30f
G Àrdsgoil Mhalaig
V
Àrdsgoil Àrd nam Murchan
’S e deagh dhòigh a th’ann an Trip Advisor air deagh inbhe a thoirt dha taighean-òsta is taighean-bìdh.
H Àrdsgoil a’ Phluic
V
Àrdsgoil Phortrigh
Tha nighnean nas comasaiche na gillean.
I Àrdsgoil Gheàrrloch
V
Àrdsgoil Lochabair B
Tha còir aig a h-uile sgoilear bliadhna dheth a ghabhail mas tèid iad dhan oilthigh.
J Sgoil Lionacleit
V
Àrdsgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Tha là nan leabhraichean seachad sna sgoiltean.
K Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
V
Sgoil MhicNeacail C
Cha bu chòir dhan a leithid de rud is ‘zoo’ a bhith ann tuilleadh.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
Diciadain 5 an t-Samhain 2014
2.00 feasgar

Bidh a h-uile sgioba a’ deasbad air a’ chuspair a leanas: Tha cus saorsa aig sgoiltean an curaicealam aca fhèin a dhealbh.

ÒrdughSgoiltean
AÀrdsgoil Ard na Murchan
V
Àrdsgoil Sheumais Gillespie
BAcadamaidh Hazlehead
V
Sgoil MhicNeacail C
CSgoil MhicNeacail A
V
Sgoil Lionacleit
DAcadamaidh Rìoghail Inbhirnis
V
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
EAcadamaidh Inbhirpheopharain A
V
Àrdsgoil Phortrigh
FÀrdsgoil Gheàrrloch
V
Àrdsgoil Lochabair A

Seo an cruth a tha gu bhith air an dàrna cuairt den Deasbad:

  • Bidh na h-aon sgiobaidhean deug a bhuannaich anns na farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe AGUS an sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan (12 sgioba air fad)
  • Mar sin, bidh 6 farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair
  • Chan urrainn dhuinn innse aig an ìre-sa dè an taobh den chuspair air am bi na sgiobaidhean a’ deasbad. Thèid na sgiobaidhean air fad ann an ad aig deireadh Cuairt 1 agus gheibhear a-mach an uairsin an ann AIRSON no AN AGHAIDH na h-argamaid a bhithear a’ deasbad. Mar sin, feumaidh gach sgioba beagan ullachaidh a dhèanamh air GACH taobh den argamaid – ach chan e droch rud a tha sin!
  • Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar
  • Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.

An Iar-Chuairt Dheireannach
Ionad Sgeulachdan na h-Alba
Dùn Èideann
Dimairt 25 Samhain
6.30 feasgar

ÒrdughSgoilteanCuspairean
ASgoil MhicNeacail C
V
Sgoil MhicNeacail A
Tha cruaidh fheum aig poilitigs air barrachd charactaran agus chan e feadhainn a tha a’ tighinn tro sgoiltean mar Eton.
BÀrdsgoil Sheumais Gillespie
V
Acadamaidh Inbhirpheopharain A
‘S e rud math a th’ann gu bheil an eadar-lion air saorsainn a thoirt dhuinn ar beachdan a chur an cèill.

A’ Chuairt Dheireannach
Ann an saoghal nam meadhanan chan eil dad aig na Gàidheil ri ionnsachadh bho na Goill.