Cuin, Càite, Cuairtean, Cuspairean 2015

Na h-iar chuairtean deireannach

Dimàirt 24 Samhain, Ionad Sgeulachdan na h-Alba

Deasbad A:

Chan eil co-ionnanachd aig boireannaich ri fir nar saoghal.

Sgoil MhicNeacail A V Sgoil MhicNeacail B

Deasbad B

Tha saidheans na chunnart do mhac an duine.

Àrdsgoil Àrd nam Murchan V Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich



A’ Chuairt Dheireannach

Diciadain, 25 Samhain, Pàrlamaid na h-Alba

Às aonais prògraman leithid na siabainn, cha ruig BBC ALBA gu bràth an inbhe a th’aig seanailean telebhisean eile.

Sgoil MhicNeacail A V Àrdsgoil Àrd nam Murchan

~


Sgoiltean agus Cuspairean (Cuairt 1): Bidh a’ chiad sgoil a th’ air a h-ainmeachadh anns gach farpais a’ bruidhinn airson na h-argamaid.

3mh Samhain 2015, 1.00 feasgar. Prìomh Oifisean na Comhairle.

ÒrdughSgoilteanCuspairean
1:00f
A Acadamaidh Inbhirpheopharain
V
Àrdsgoil Sheumais Gillespie B
Chan eil feum sam bith ann an obair-dachaigh.
B Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
V
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha na meadhanan-sòisealta a’ milleadh càirdeis.
C Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
V
Sgoil MhicNeacail B
Cha robh adhbhar sam bith ann bacadh-aois a chur air bhideothan ciùil ann am Breatainn.
D Àrdsgoil an Òbain
V
Àrdsgoil Mhalaig
Tha coimpiutairean nas èifeachdaiche na luchd-teagaisg.
E Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
V
Àrdsgoil Àrd nam Murchan
Cha bu chòir a bhith coimhead tuilleadh ri ola. Tha sinn ann an saoghal cumhachd ath-nuadhachail.
6:30f
F Sgoil MhicNeacail A
V
Sgoil Lionacleit
Chan eil e a’ dèanamh cron sam bith air a’ Ghàidhealtachd gum bi na meadhanan uaireannan a’ fanaid oirnn airson ar cànan, ar droch-shìde agus ar meanbh-chuileagan.
G Àrdsgoil Phortrigh
V
Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil
Tha dùthaich a tha a’ cur cus dhaoine dhan phrìosan borb.
H Àrdsgoil Sheumais Gillespie A
V
Sir E Scott
Chan eil feum an-diugh air leabhar-lannan agus bu chòir an dùnadh.
I Àrdsgoil Gheàrrloch
V
Acadamaidh Hazlehead
Tha stoidhle nas cudromaiche na susbaint an-diugh.
J Acadamaidh Dhùn Omhain
V
Àrdsgoil Lochabair
Tha tuarastalan rionnagan-spòrs na dhearbhadh gu bheil an saoghal air a bheò ghlacadh le airgead.

An Dàrna Cuairt
An Lanntair, Steòrnabhagh
4 an t-Samhain 2015

Seo an cruth a tha gu bhith air an dàrna cuairt den Deasbad:

  • Bidh a h-uile sgioba a bha a’ deasbad air a’ chiad là a’ gabhail pàirt san dàrna cuairt. Bidh fios dè an taobh den argamaid air a bheil gach sgioba. Cha bhi aon sgioba a’ buannachadh na deasbadan seo a-bharrachd.
  • Cha bhi e ceadaichte do sgioba sam bith a bhith anns an talla-deasbaid gus am bi iad fhèin air àrd-ùrlar
  • Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich.

Cuspair Cuairt 2:
Cha robh ginealach a-riamh ann an am Breatainn cho fortanach ris a’ ghinealach dom buin mise an-diugh.

ÒrdughSgoiltean
10m
AÀrdsgoil Sheumais Gillespie A
V
Àrdsgoil Phortrigh
BSgoil Ghàidhlig Ghlaschu
V
Àrdsgoil an Òbain
CAcadamaidh Inbhirpheopharain
V
Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis
DSgoil MhicNeacail B
V
Àrdsgoil Àrd nam Murchan
EÀrdsgoil Mhalaig
V
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
2f
FSgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil
V
Sgoil Lionacleit
GÀrdsgoil Sheumais Gillespie B
V
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
HAcadamaidh Hazlehead
V
Acadamaidh Dhùn Omhain
IÀrdsgoil Lochabair
V
Sir E Scott
JSgoil MhicNeacail A
V
Àrdsgoil Gheàrrloch