Òraidean 2007, Na h-Iar-Chuairtean

A’ Chiad Chuairt: Tha an t-àm ann cur as do dheuchainnean sna sgoiltean.

Airson: Ardsgoil Phort Righ B

Dè am feum a tha ann an deuchainn mhòr aig deireadh na bliadhna nuair tha againn ri measaidhean beaga a dhèanamh tron bhliadhna co-dhiù, den leithid aistean, NABS neo obair-chlais? Tha sinn air obair trang tron bhliadhna is tha sinn air ar comas a shealltainn, carson fon ghrèin a tha ar n-obair-bhliadhna a’ crochadh air dà uair a thìde ann an talla-spòrs fuar?

Tha cuid a’ gabhail dragh cho mòr gu bheil iad a’ gabhail pileachan airson an cumail nan dùisg cho fad’s gu bheil iad a’ rannsachadh is ag obair tron oidhche.

Tha e gun chiall gu bheil siostam againn a tha brosnachadh droch-chleachdadh mar seo. Daoine a’ fàgail a h-uile càil dhan mhionaid mu dheireadh is fhathast a’ dèanamh nas fheàrr na sgoilearan a bha ag obair gu cruaidh is gu dìcheallach fad na bliadhna.

Ciamar a fios agam air seo? Airson gun robh mi fhèin ag obair mar sin fad bliadhna airson Beurla is fhuair mi C ach fhuair deagh charaid agamsa A, gun a bhith a’ fosgladh leabhar gus dà latha ron chùis. Chan ainmich mi e ge-tà!

Mar ghille sam bith aig m’ aois, tha mi measail air ball-coise, a-nis smaoinich air cupa na h-Alba, far am faod sgioba sam bith dèanamh dona air an là agus an uairsin, sin e, tha a’ chùis seachad ach cuir seo an taca rs an SPL far am feum a h-uile sgioba trìthead sa h-ochd geamannan a chluich ‘s as dèidh sin tha fios aig gach duine cò an sgioba as fheàrr.

A-nis, ‘s ann mar seo a tha sinn a’ faicinn ar siostam deuchainn ann an Alba, mar chupa seach lìge. Chan eil e a’ dearbhadh comas dhaoine ach a’ dearbhadh mar a bha iad a’ faireachdainn air an là. Dè am freagairt a tha againn? Uill, cha mhòr nach eil aon fhreagairt ann mu thràth,‘s e na NABS a tha againn!

Tha a h-uile sgoilear a’ gearain mu dheidhinn NABS ach ‘s e as coireach nach eil feum sam bith annta nuair a tha deuchainn ann aig deireadh na bliadhna co-dhìu. A’ cleachdadh meatafor spòrs, tha e mar gun robh agad ri High Jump a dhèanamh as dèidh na hurdles a ruith!

(NAB: National assessment Bank)

An aghaidh: Sgoil Chnoc na Pàirce

Chan eil e gu diofar de an cosnadh a th’agad, tha cuideam ort. Uaireannan feumaidh obair a bhith a-steach airson ceann-latha air chor-eigin is tha deuchainnean a’ teagaisg ciamar a dhèiligeas tu ri seo.

Feumaidh tu ionnsachadh ciamar a tha an saoghal ag obair agus tha tòrr cuideam anns an tsaoghal ceart. Anns na deuchainnean feumaidh tu obair leat fhèin agus tha sin gad dheasachadh airson an àm ri teachd. Tha an corp agad air a dhèanamh airson dèiligeadh ri beagan cuideam aig amannan. Ma tha deuchainneana gad anns a’ Chèitean, tha cuideam ort airson a’ mhios sin, is faodaidh an corp agad dèiligeadh ri sin, ach ma than a deuchainnean elantainneach bhiodh cuideam ann fad na bliadhna.

Tha deuchainnean a’ toirt structur dhan bhliadhna, tha an dòigh ceartachaidh rèidh agus tha an siostam a th’againn cothromach. Le measadh tron bhliadhna, bidh rudan air an diochuimhneachadh. Chan eil tuigse gu bheil e cudromach. Le deuchainnean tha e nas coltaiche gum bi am fiosrachadh comhla rinn an còrr de ar beatha.

Tha claonadh aig tidsearan na chunnart. Le deuchainnean, tha sgrùdairean a’ ceartachadh pàipear. Chan eil iad eòlach ort, agus tha iad a’ toirt comharran a rèir dè tha sgriobhte air an duilleag. Nam biodh claonadh ann am beachd tidsear, chan fhaigheadh tu an duais air am biodh tu airidh. Ged tha tòrr fiosrachadh air an eadar-lion, feumaidh sinn fhathast rudan ionnsachadh. Faodaidh sinn an t-eadar-lion a chleachadh airson cuideachadh ann an dòigh diofaraichte, le làraichlìn leithid Bitesize.

A’ Chiad Chuairt: Tha barrachd cunnart san eadar-lion na tha ann de dh’fheum

Airson: Acadamaidh Drochaid an Easbaig

Tha barrachd buaidh air a bhith aig ceannarcas air an t-saoghal againn anns na deich bliadhna mu dheireadh na tha air a bhith aige riamh roimhe. Tachartasan uabhasach mar 9/11, na bomaichean ann an Lunnainn agus bho chionn ghoirid càr làn stuthan spreadhaidh aig port-adhair Ghlaschu. Ach ciamar a fhuair na ceannaircich a chuid as motha dhen fhiosrachadh aca… bhon eadar-lion. Chan eil dòigh sam bith do na polieis neo an riaghaltas sùil a chumail air a h-uile làrach-lìn agus a h-uile duine bhios air an eadar-lion fad na h-ùine.

‘S cinnteach gu bheil fhios againn uile air cuideigin a tha air a bhith air a bhualadh le foill aig aon am. Seo athachair dhan tidsear ciùil agamsa. Ged a tha esan a’f uireach an Glaschu ‘s ag obair an Glaschu bha cunntasan a’ tighinn suas air a’chunntas banca aige airosn taighean-bidhe ann an Lunnainn, paidhear stilettos bho chuideigin air e-bay agus elasain dannsa. Gu fortanach ghlac na polieis am boreannach bha a’ dèanamh seo, nuiar a dh’òrdaich I brat-ùrlar…. Agus bha dìreach aig na polieis ri làraidh a’ bhrat-ùrlar a leantainn!

Tha mi cinnteach gu bheil sibh air cluinntinn agus leughadh mu chlann a tha air cur air dòigh coinneachadh ri daoine aig nach eil eòlas aca. Ach ris an robh iad a’ bruidhinn air an eadar-lion.

Feumaidh sinn a bhith faiceallach oir tha tòrr a bharrachd de rudan dona air an eadar-lion na tha ann de rudan math.

An aghaidh: Ardsgoil Gheàrrloch

Tha seo air leth feumail aig an sgoil far am bi sinn tric a’ cleachdadh an eadar lìon anns cha mhòr a h-uile clas. Nuair a tha sinn a’ faighinn obair dachaigh, bithidh tidsearan daonnan ag iarraidh oirnn rannsachadh a dhèanamh, ‘s tha fios aca nach leugh sinn leabhraichean gach oidhche ‘s fad an deireadh-seachdain airson pìos beag fiosrachaidh a lorg. Tha iad a’ bruidhinn mun an eadar lìon – an stòras fiosrachaidh as motha sa phlanaid.

‘S e fior bhuannachd eile gun urrainn dhuinn rudan fhaicinn agus prìsean obrachadh a-mach air an eadar lìon. Ach, a bheil am fear daor nas fheàrr na am fear saor? Tha am freagairt ri lorg gun trioblaid sam bi. Tha companaidhean mar “Which?” ann, nach eil ag obair airson duine sam bi ach iad fhèin agus a tha a’ toirt deagh chomhairle dha daoine. Tha cuideachd làraich ann far a bheil daoine abhaisteach mar mi fhèin is sibh fhèin, ag innse cho math ’s a tha an t-inneal (PROP: iPod agus MP3) no an deideag (PROP: dà dheideag) seo. An do bhris e air a’ chiad turas no an do mhair e bliadhnaichean? Agus nuair a gheibhear a-mach, chan eil agad ach ri bhith a’ dol gu làrach sònraichte mar Kelkoo a dh’innseas dhut dè “a’ bhùth” as saoire.

A thaobh ar cànain, tha an t-uabhas de làraich mhath ann far am faigh daoine air feadh an tsaoghail cothrom Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh. Càit’ eile am faigh sinn na cothroman miorbhaileach seo airson ar cultar agus ar cànan sònraichte a theagasg dhan t-saoghal?

Bha am fiosrachadh ‘s eile a chuala sinn bho ar caraidean an seo glè inntinneach. Bhitheadh e math faighinn a-mach bhuapa càit an d’fhuair iad am fiosrachadh airson an deasbad. Bho Encyclopedia no bho Wikipedia? Bho bhith a’ bruidhinn ri daoine no bho bhith a’ surfadh an lìon?

A charaidean, ‘s e saoghal cunnartach anns a bheil sinn a’ fuireach ach a bheil saoghal eile ann dham faod sinn teicheadh? Mar phàirt de ar saoghal, tha cunnart a’ tighinn ann an iomadh cumadh – biadh mo mhàthar, tubaistean-rathaid agus spòrs mar eisimpleir. Ach a bheil rudan mar seo a’ dol a chur stad orm bho bhith ag èirigh, agus a’ dol a-mach sa mhadainn? Chan eil, gu dearbha!

Sin dìreach mar a tha an t-eadar-lìon.

Eilidh Rothach, bho Acadamaigh Drochaid an Easbuig

Eilidh Rothach, bho Acadamaigh Drochaid an Easbuig

An Dàrna Cuairt: Tha gaol againn air Tesco.

Airson: Ardsgoil Phort Rìgh

Bha sinn beagan teagmhach gum faigheadh sinn dhan chuairt seo a-nochd agus cha tug sinn ach aon lèine gheal leinn, ach dè rinn sinn as deidh dhuinn soirbheachadh? A-staigh gu car Mhgr Stiubhart gu TESCO Inshes le cabhag airson feadhainn ùr a cheannach. Agus abair thusa bargan! Ceithir not gach tè! Gu dearbh, bidh e doirbh do Dhrochaid an Easbaig a shealltainn nach eil gaol againn air TESCO!

Tha gaol aig torr dhaoine eile air TESCO cuideachd. Carson a tha seo? Tha e cudromach a’ faicinn de seorsa gaol a tha ann…

Chanadh Ard Sgoil Phort Righ gu bheil e nas coltaiche ri gaol eadar parant is pàiste. Tha seo cudromach dhan argumaid againn oir bidh tòrr ag radh gu bheil TESCO a’ tairgse càil sam bith a dh’iarradh tu ach chan eil; mar deagh phàrant tha e a’ tairgse dhuinn gach ni a dh’fheumadh sinn. Feum seach miann, sin an rud.

...agus rud a tha a’ còrdadh ri Ard Sgoil Phort Righ gu mor, sanasan anns a’ Ghaidhlig ann an Inbhir Nis agus Inbhir Pheofairean — nam biodh na Comhairlichean againn cho deonach sanasan Gaidhlig a chur an aird!

Tha mi gu bhith goirid is pongail an seo — tha Ardsgoil Phort Righ ann an gaol le TESCO, ach chan eil gaol gar dèanamh dall is bodhar. Tha sinn uile air cluinntinn nan casaidean a tha gan cur air TESCO sna meadhanan agus le Drochaid an Easbaig.

Tha iad a’ toirt seachad dà a-mach a ceud not den phrothaid aca do charthannas…..sin caogad millean not ….’s cinnteach gun goideadh Drochaid an Easbaig biadh a beul nam bochd.

Tha mi airson tilleadh gu gaol – tha gaol againn air TESCO, ach a bheil gaol aig TESCO oirnn? Tha, chan e rathad aon-shligheach a tha ann.

An aghaidh: Acadamaidh Drochaid an Easbaig
Craig MacLeòid bho Acadamaigh Alt a’ Mhuilinn

Craig MacLeòid bho Acadamaigh Alt a’ Mhuilinn

Tha gaol againn air TESCO? Abair beachd amaideach. Gaol air Orlando Bloom. ‘S dòcha, neo Johnny depp — mmm! Ach air TESCO? Mar a chanas sinne ann an Glaschu — ‘Aye, right!’ ‘S tha seo gam thoirt air adhart gu cuspair sgriosail eile mu dheidhinn TESCO — an t-aodach aca. Nis aig an aois aig a bheil sinne, bidh sinn gu nàdarrach a’ cur tòrr cuideam air dè mar tha sinn a’ coimhead. Ma tha mise airson coimhead snog airson pàrtaidh no rudeigin, am bithinn-sa a’ dol sios gu TESCO airson aodach spaideil? Em, CHA BHIODH! Dh’fhaodainn aodach fada na b’fheàrr fhaighinn a-mach a SKIP!

Tha iad a’ ceannach suas talamh airson nach bi farpais aca bho mòr-bhùithtean eile. A bheil sibhse smaointinn gur e mearachd a th’ann na trì bùithtean Tesco an Inbhir Nis? Gu dearbh fhèin chan e! ‘S e ‘game plan’ a th’ann, gus nach bi taghadh aig na daoine bho Inbhir Nis idir mu càite a bheil iad a’ dol a chenanach an stuth aca. A’ mhòrchuid den àm chan eil TESCO fiù ‘s a’ togail càil air an talamh, ach dhaibhsan tha sin nas fheàrr na leigeil le mòr-bhùth mar ASDA neo Sainsbury’s tighinn ann.

Tha mi a’ dol a dh’nnse dhuibh mun uair a chaidh mo mhàthair a cheannach biadh ann an TESCO. An toiseach thog i lasagne. Nuair a leugh i na stiùriidhean a bha air bonn a’ bhogsa, dè thuirt e ach, “Do not turn upside down.” Abair àite glic airson seo a sgriobhadh. Chan e sin a’ mhàin — dh’innis e dhi cuideachd, “This product will be hot after heating.” Cha robh fhios am air sin!

An Dàrna Cuairt: Cha bu choir do dhuine sam bith aig a bheil peata a bhith ag ithe feòil.

Airson: Sgoil MhicNeacail

Seall air an dealbh a tha seo? Seo Dìleas. Bha Dìleas trì bliadhna a dh’aois nuair a chaidh e air chall bho dhachaigh ann an Lunnainn. Chuir a mhaighstir Alasdair, bodach aonranach, seachad làithean a’ coimhead air a shon. Ach bha Dìleas bochd, le iomadach cù eile, air ashlighe a Shìona gu na taighean bidhe thall an sin. B e seo deireadh na sgeòil dha Dìleas bochd ach tha seo a’ dol air adhart fad na h-ùine ann am Breatainn.

An robh fios agaibh gur e vegetarians a bh’ann an Albert Einstein ‘s Leonardo da Vinci? Na rinn e cron sam bith air an eanchainn aca. Ma chì sinn staid ar slàinte ann an Alba nach dèanadh e feum dhuinn feòil a sheachnach‘s tuilleadh glasraich ithe? Ma tha e math gu leòr dha Cameron Diaz — tha e math gu leòr dhomhsa!

Smaoinich air na làithean sona a chuir sibh seachad le ar peataichean fhèin — na h-uain bheaga àlainn as t-Earrach? Agus smaoinich a-nis air na dòighean borb mì-nàdarrach a tha beathaichean air feadh an t-saoghail a’ faighinn bas airson ar càil a shàsachadh. Dìreach smaoinichibh mu dheidhinn.

Ciamar as urrainn do dhuine aig a bheil spèis do pheataichean no do bheathaichean sam bith feòil ithe gun chàil a dh’fhios aige dè a dh’fhuiling am beathach bochd sin fhad ‘s a bha e beò? ‘Se Phaireasach a tha ann an duine sam bith aig a bheil peata ‘s a dh’itheas feòil.

Nach mol sinn do dh’Ughdarras nan Croitearan a bhith a’ toirt subsadaidh dha na croitearan airson peataichean a chumail air na croitean agus airson a bhith a’ cur bàrr an àite bhith a’ toirt seachad airgead airson a bhith a’ chumail bheathaichean airson am marbhadh.

An aghaidh: Ardsgoil Sheumais Gillespie

Tha mi fhèin agus Hannah airson innse dhuibh mus tòisich sinn air a’ chuspair seo a-nochd nach eil sinn idir a’ cumail a-mach gum bu choir dhuibh ur peataichean ithe.

Nan cluinneadh ar sinnsirean an argamaid seo, nach iad a bhiodh a’ gàireachdainn. Dè dh’itheadh Gaidheal o bhionn còrr is ceud bliadhan — asparagus is ponair soya?

Nam biodh aig ar sinnsirean ri bhith beò air glasraichean a-mhàin, cha bhiodh duine againn an seo a-nochd.

Tha beathaichean mòra ann an saoghal nàdair ag ithe na beathaichean as lugha. ‘S e sin mar a tha e agus a bhitheas e. ‘ S e cuairt bidhe tha seo. Nan atharraicheadh sinn e bhiodh bùireach ann.

Cha chreid mi gu bheil mòran agaibh measail air damhain-allaidh ‘s na lìn aca. An robh fhios agaibh, as aonais damhain-allaidh acrach, bhiodh a leithid de chuileagan anns an adhar ‘s nach biodh e comasach anail a ghabhail gun cuileag a shlugadh.

pdf icon Na h-Iar-Chuairtean
Feumar Adobe Acrobat Reader airson na faidhlichean PDF a leughadh. Tha am prògram seo an-asgaidh agus gheibhear e tro làrach-lìn Adobe. Thèid gu làrach-lìn Adobe agus lean na h-òrdughan gus Adobe Acrobat Reader fhaighinn air a’ choimpiutar agad fhèin.

Adobe reader icon