Riaghailtean

Neach-cathrach
Bidh gach nì a thachras fad an deasbaid fo stiùireadh is fo smachd an neach-cathrach. Fosglaidh an neach-cathrach an deasbad le faclan iomchaidh agus na dhèidh sin cuiridh e/i aithne air an luchd-labhairt don luchd-èisteachd. Thèid cuspair an deasbaid innse don luchd-èisteachd, agus leanaidh an deasbad air a rèir an òrdugh seo shìos. Aig deireadh gnothaich nì e co-dhùnadh agus bheir e taing don luchd-labhairt.

Cruth an Deasbaid

Òrdugh LabhairtFad
(mionaidean)
Cuairt 1 & 2
Fad
(mionaidean)
Cuairt 3 & 4
1Ro-ràdh on neach-cathrach
2A' chiad neach-labhairt airson a' mholaidh46
3A' chiad neach-labhairt an aghaidh a' mholaidh46
4An dàrna neach-labhairt airson a' mholaidh35
5An dàrna neach-labhairt an aghaidh a' mholaidh35
6Cothrom deasbaid410
7Co-dhùnadh an sgiobaidh airson a' mholaidh1-21-2
8Co-dhùnadh an sgiobaidh an aghaidh a' mholaidh1-21-2

Cuairt 1/2
Gheibh na sgiobaidhean cuspairean na deasbaid greis ro làimh.

Cluinnidh gach neach-labhairt glag rabhaidh 30 diogan ro chrìoch na h-ùine cheadaichte aca agus nuair a bhuaileas an dàrna glag feumaidh iad stad no cuiridh an neach-cathrach stad orra. Nuair a bhios an dà òraid aig gach sgioba seachad bidh cothrom aig na sgiobaidhean deasbad air a’ chuspair. An dèidh sin gheibh gach sgioba cothrom facal a ràdh sa cho-dhùnadh. Mairidh sin eadar mionaid is dà mhionaid. Bu chòir don cho-dhùnadh a bhith air a chur ri chèile tron deasbad. Nuair a tha a’ cho-fharpais seachad, bidh aon de na britheamhan ag ràdh facal no dhà mun deasbad agus an uairsin bidh gach britheamh a’ toirt comharra a-mach à deich.

Cuairt 3/4
Gheibh na sgiobaidhean cuspairean cuairt 3 agus 4 an dèidh cuairt 1/2.

Bidh riaghailtean nan cuairtean deireannach a’ tighinn a rèir nan riaghailtean airson nan cuairtean eile, ach bidh fad nan òraidean is an cothrom deasbaid nas fhaide.

Stiùireadh

  1. Bidh dithis anns gach sgioba.
  2. Thèid innse do gach sgioba gu dè an taobh den mholadh air am bi iad a' bruidhinn. Bidh an sgioba a tha air an ainmeachadh an toiseach ag argamaid a' chiad taobh den chùis. Leanaidh sin tro na cuairtean.
  3. Bidh sgiobaidhean a tha a' leughadh ro dhlùth bho sgriobt air am peanasachadh. Faodar notaichean a chleachdadh agus faodar notaichean a ghabhail tron deasbad.
  4. Bithear a' sùileachadh gun tog an dàrna neach-labhairt anns gach sgioba air puingean a nochd san òraid aig a' chiad neach-labhairt.
  5. Bidh sgiobaidhean air am peanasachadh ma tha rudan anns na h-òraidean aca a bheir oilbheum ann an dòigh sam bith don sgioba eile no don luchd-èisteachd.
  6. Nì an neach-cathrach, 's na britheamhan nas urrainn dhaibh gus an luchd-labhairt a chuideachadh.
  7. Bidh na britheamhan a' sireadh trì nithean anns na h-òraidean – stoidhle, brìgh agus èifeachdas. Faic gu h-ìosal.

Stoidhle

  1. Chan e idir an rud a chanas duine a tha cudromach san roinn seo ach an dòigh a tha e/i ga ràdh.
  2. Comas an neach-labhairt air puingean a lìbhrigeadh gu soilleir.
  3. An ceangal a tha an neach-labhairt a' dèanamh ris an luchd-èisteachd.
  4. Gluasad ann an guth.
  5. A bhith èibhinn ma tha sin iomchaidh.
  6. Modh labhairt – cleachdadh cànain is fileantachd.
  7. Bidh neach a ruitheas tro òraid a tha gu follaiseach air a h-ionnsachadh facal air an fhacal air a pheanasachadh. Bidh structar nàdarra is stoidhle a' cosnadh chomharraidhean don neach-labhairt.
  8. Tha e làn cheadaichte cairtean làimhe a chleachdadh. Tha e ceadaichte stuth-taice a chleachdadh ach feumar a bhith cinnteach gu bheil e èifeachdach.

Brìgh

  1. Bu chòir dha bhith follaiseach bho dheagh òraid gu bheil an neach labhairt air an cuspair a dheisealachadh gu cùramach.
  2. Bu chòir dhan neach-labhairt tuigse a nochdadh de na prìomh phuingean co-cheangailte ri cùis na deasbaid agus feumaidh structar soilleir a bhith air an òraid.
  3. Bidh nithean neo-iomchaidh a nochdas san deasbad air am peanasachadh.
  4. Tha taghadh iomchaidh de fhianais fhreagarrach cudromach.
  5. Cha bhi mìneachadh cuspair a tha faoin is lapach soirbheachail idir.

Èifeachdas

  1. Dè an ìre gu bheil a h-uile càil a th’ ann a’ tighinn ri chèile? Tha an cothrom deasbaid/ceasnachaidh an dèidh nan òraidean cudromach. Feumaidh an dithis a th’ anns gach sgioba pàirt a ghabhail agus a bhith a’ cuideachadh a chèile.

Britheamhan
Bheir na britheamhan an cuid chomharraidhean a-mach à 30. Bidh gach eileamaid – stoidhle, brìgh is èifeachdas – air an gabhail a-steach.

Bithear an dùil gum bi aithris sgrìobhte bho na britheamhan a' toirt mìneachaidh don luchd-labhairt a bhios cuideachail. Feumaidh na britheamhan cuimhne a chumail gu bheil a' cho-fharpais a' toirt cothrom do dh'oileanaich an sgilean labhairt poblach a neartachadh agus gum bi na beachdan a gheibh iad an teis mheadhan na dh'ionnsaicheas iad bhon deasbad.

An dèidh gach deasbaid, mus innis na britheamhan cò rinn an gnothach, thèid iarraidh air aon dhiubh breithneachadh dòigheil agus comhairle a thoirt don luchd-labhairt.

Cha ghabh cur an aghaidh co-dhùnaidhean nam britheamhan.

pdf icon Riaghailtean
Feumar Adobe Acrobat Reader airson na faidhlichean PDF a leughadh. Tha am prògram seo an-asgaidh agus gheibhear e tro làrach-lìn Adobe. Thèid gu làrach-lìn Adobe agus lean na h-òrdughan gus Adobe Acrobat Reader fhaighinn air a’ choimpiutar agad fhèin.

Adobe reader icon